| Chapter 15 |
1 | Agus cho luath sa bha mhaduinn ann, chuir na h-ard-shagairt, `s na seannairean `s na Sgriobhaich, `sa chomhairle uile, an comhairle ri cheile, agus cheangail iad Iosa, agus thug iad leo e, agus liubhair iad e do Philat.
|
2 | Is dh` fharraid Pilat dheth: An tu Righ nan Iudhach? Agus Iosa a freagairt, thuirt e ris: Tha thu ga radh.
|
3 | Agus bha na h-ard-shagairt a cur iomadh cuis as a leth.
|
4 | Is dh` fharraid Pilat a rithist dheth, ag radh: Nach toir thu freagairt sam bith? seall a liuthad ni tha iad a cur nad aghaidh.
|
5 | Ach cha do fhreagair Iosa tuilleadh, air sheol `s gun do ghabh Pilat ioghnadh.
|
6 | A nis air latha na feille b` abhuist dha leigeil mu sgaoil dhaibh aon sam bith dhe na priosanaich, a dh` iarradh iad.
|
7 | Agus bha fear ann, dham b`ainm Barabbas, a chuireadh am priosan comhla ri luchd-ceannairc, agus a bha air murt a dhianamh ann an ceannairc.
|
8 | Agus nuair a dhirich an sluagh suas, thosich iad ri iarraidh air, e dheanamh dhaibh mar a chleachd e.
|
9 | Agus fhreagair Pilat iad, `s thuirt e: An aill leibh gun leig mi as dhuibh righ nan Iudhach?
|
10 | Oir bha fios aige gum b` ann tromh fharmad a liubhair na h-ard-shagairt seachad e.
|
11 | Ach bhrosnaich na h-ard-shagairt an sluagh, gun leigeadh e Barabbas mu sgaoil dhaibh mar raghainn.
|
12 | Agus fhreagair Pilat a rithist, is thuirt e riutha: Ciod ma ta is aill leibh mi dhianamh ri righ nan Iudhach?
|
13 | Ach ghlaodh iad a rithist: Ceus e.
|
14 | Is thuirt Pilat riutha: Ciod an t-olc a rinn e? Ach sann is mua ghlaodh iad: Ceus e.
|
15 | Agus bho na bha Pilat deonach an sluagh a thoileachadh, leig e Barabbas mu sgaoil dhaibh, `s an deigh Iosa sgiursadh, thug e seachad e, gus a cheusadh.
|
16 | Ach thug na saighdearan leo e a stigh gu cuairt an uachdrain, (ris an canar am Praetorium), is ghairm iad am buidheann uile.
|
17 | Agus dh` eid iad e le purpur, `sa fighe crun dreighinn chuir iad air e.
|
18 | Agus thoisich iad air furan a chur air, ag radh: Failt, a righ nan Iudhach.
|
19 | Is bhuail iad a cheann le cuilc; agus thilg iad smugaidean air, `sa lubadh an glun, thug iad aoradh dha.
|
20 | Agus an deigh dhaibh magadh air, thug iad dheth am purpur, is chuir iad aodach fhein air, agus thug iad leo e gus a cheusadh.
|
21 | Agus rug iad air fear a bha dol seachad, Simon bho Chirene, athair Alastair agus Rufuis, a bha tighinn as an duthaich, agus thug iad air a chrois a ghiulan.
|
22 | Agus thug iad e gu aite ris an canar Golgotha, se sin air eadar-theangachadh, aite Chalbhari.
|
23 | Agus thug iad dha ri ol fion measgte le mirr; agus cha do ghabh e e.
|
24 | Agus air dhaibh a cheusadh, roinn iad aodach, a tilgeadh chrann air, fiach de a gheibheadh gach aon.
|
25 | Agus bi an treasamh uair a bh` ann, agus cheus iad e.
|
26 | `S bha chuis-dhitidh sgriobhte os a chionn: RIGH NAN IUDHACH.
|
27 | Agus cheus iad da mheirleach comhla ris, fear air a laimh dheis, is fear air a laimh chli.
|
28 | Agus choimhlionadh an sgriobtur, a tha ag radh: Agus bha e air a mheas am measg nan eucorach.
|
29 | Agus thug iadsan a bha dol seachad toibheum dha, a crathadh an cinn, `s ag radh: O thusa, a 1eagas an teampull, `sa thogas e rithist ann an tri latha:
|
30 | Teasraig thu fhein agus thig a nuas bhon chrois.
|
31 | Mar an ciadna bha na h-ard-shagairt a magadh air, agus maille ris na Sgriobhaich a cantuinn ri cheile: Shabhail e feadhainn eile, e fhein chan urrainn e shabhaladh.
|
32 | Thigeadh Criosda righ Israil a nuas a nis bhon chrois, chum gum faic agus gun creid sinn. Is rinn iadsan, a cheusadh maille ris, taire air.
|
33 | `S nuair a thainig an t-siathamh uair, bha dorchadas air an talamh gus an naoitheamh uair.
|
34 | Agus aig an naoitheamh uair dh` eigh Iosa le guth ard, ag radh: Eloi, Eloi, lamma sabacthani? se sin air eadar-theangachadh: Mo Dhia, mo Dhia, carson a threig thu mi?
|
35 | Agus thuirt cuid den fheadhainn a bha `nan seasamh mun cuairt, nuair a chual iad e: Seall, tha e gairm Eliais.
|
36 | Agus ruith fear, `sa lionadh spuing le fion-geur, s ga cur air cuilc thug e dha ri ol ag radh: Leigibh leam, faicemid an tig Elias gus a thoirt a nuas.
|
37 | Agus Iosa ag eigheach le guth ard, thug e suas an anail.
|
38 | Agus sthracadh brat an teampuill na dha leth bho bhraighe gu iochdar.
|
39 | Agus nuair a chunnaic an ceannard-ciad, a bha `na sheasamh mu choinneamh, gun do dh`eug e ag eigheach mar sin, thuirt e: Gu firinneach b`e an duine so Mac Dhe.
|
40 | Agus bha boirionnaich cuideachd a coimhead air na thachair ach fad as: nam measg bha Mairi Magdalen, agus Mairi mathair Sheumais is lugha is Ioseiph, agus Salome:
|
41 | A lean e nuair a bha e ann an Galile, `sa fhreasdail air, agus moran bhoirionnach eile, a bh` air direadh gu Ierusalem maille ris.
|
42 | `S nuair thainig am feasgar, a chionn gum be an t-uidheamachadh a bh` ann, se sin an latha romh `n t-sabaid,
|
43 | Thainig Ioseph bho Arimatea, comhairleach urramach, aig an robh suil e fhein ri rioghachd Dhe, is chaidh e stigh gu dana go Pilat, agus dh` iarr e corp Iosa.
|
44 | `S bha ioghnadh air Pilat gun robh e cheana marbh. `Sa gairm a cheannaird-chiad, dh` fharraid e dheth an robh e cheana marbh.
|
45 | `S nuair fhuair e fios bhon cheannard-chiad, thug e an corp do Ioseph.
|
46 | Agus cheannaich Ioseph lion-anart, `s ga thoirt a nuas, shuain e san lion-anart e, agus chuir e ann an uaigh e, a bh` air a gearradh as a chraig, agus charaich e clach gu dorus na h-uaighe.
|
47 | `S bha Mairi Magdalen agus Mairi mathair Ioseiph a gabhail beachd caite an do chuireadh e.
|